Eachdraidh: Sìleas | An t-Each Uisge
.
Tha na t-each uisge a' nochdadh ann am beul-aithris nan Ceilteach mar each aig a bheil cumhachdan os-nàdarra a gheibhear ann an lochan 's abhainnean Alba 's Èirinn. Ann an Arcaibh tha creutair gu math coltach ris an seo a' togail ceann cuideachd ach 's e Nuggle a th' aca air 's ann an Sealltainn tha e aithnichte mar Shoopiltee. 'S e an t-each uisge an creutair as cunnartaiche dhiubh ge-tà. Ged a tha e neochiontach gu leòr fhad 's a tha e air talamh fuar 's ann a tha cùisean gu math eadar dhealaichte ma gheibh e sealladh idir den uisge oir 's ann a bheir a leithid de shealladh air an duine bochd a tha air a dhruim a tharraing a-staigh gu grunn na loch. Tha e cuideachd comasach don each-uisge cumadh duine a ghabhail 's mar dhuine tha an comas aige boireannaich a thàladh thuige 's gun fhios aca cò no dè th' ann mura faic iad luibhean-uisge na fhalt.
.
Tuilleadh... | Gu Sìleas... | Gu Clann...
.
Ceanglaichean eile

An t-each Uisge aig Wikipedia
Tuilleadh...
< | >